Gàidhlig air làrach-lìn Colaiste Rìoghail Lighichean-Inntinn na h-Alba
14 November, 2025
Tha mi toilichte gu bheil Gàidhlig air làrach-lìn Colaiste Rìoghail Lighichean-Inntinn na h-Alba.
Saoilidh mi gu bheil e cudromach na trì cànain Albannach ann an Alba a chleachdadh, ann an dòighean foirmeil agus neo-fhoirmeil. Air na sràidean agus ann an sgrìobhainnean. Tha a’ Cholaiste ann an Alba a’ toirt taic dhan bheachd seo leis gu bheil Gàidhlig ga cur air làrach-lìn Colaiste Rìoghail Lighichean-Inntinn na h-Alba.Tha mi an dòchas gun nochd Albais ann cuideachd anns an àm ri teachd.
Chan eil Gàidhlig o ghlùin agam. Thòisich mi a h-ionnsachadh seachd bliadhna air ais nuair a thòisich an nighean agam ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus tha mi ag ionnsachadh fhathast. Tha Gearmailtis agam cuideachd agus tha mi dèidheil air cànain. Saoilidh mi gu bheil e cho inntinneach a bhith a’ faicinn an t-saoghail tro chànan eile. Chan e faclan a-mhàin a tha ann an cànan: tha cainnt co-cheangailte ri cultar, eachdraidh agus dearbh-aithne. Tha cànain a’ toirt seachad dhuinne dòigh eile an saoghal a thuigsinn.
Tha sin cudromach dhomh mar lighiche-inntinn. Nach bruidhinn sinn ri daoine aig a bheil beachdan agus beathannan a tha eadar-dhealaichte an taca ris an fheadhainn againne fad na h-ùine? Feumaidh sinn a bhith sùbailte, fosgailte, agus comasach seallaidhean ùra a ghabhail agus a thuigsinn. Nam bheachd, faodaidh cànain eile ar cuideachadh le seo.
Ach carson Gàidhlig (no Albais)? Carson nach do dh’ionnsaich mi Spàinntis no Pòlais no Arabais? Air sgàth’s gu bheil Gàidhlig agus Albais dùthchasach do dh’Alba agus feumaidh sinn an cleachdadh gus am fuirich iad beò. Cleachd i no caill i, mar a chanas iad.
Mar sin, tha mi an dòchas gun cuir sibh fàilte air Gàidhlig air an làrach-lìn. Bhithinn air mo dhòigh nan cluinninn bho lighichean-inntinn eile aig a bheil Gàidhlig no a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.